2 Samuel 20:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach cha tug Amasa fa‑near an claidheamh a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fon chòigeamh aisne, agus leig e a‑mach a mhionach a dh’ionnsaigh an làir, agus cha do bhuail e a‑rìs e; agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Shèba mhic Bhichri. Faic an caibideil |
Gidheadh dhiùlt esan tionndadh; uime sin bhuail Abner e le eàrr na sleagh fon chòigeamh aisne, agus thàinig an t‑sleagh a‑mach air a chùlaibh; agus thuit e an sin, agus fhuair e bàs anns an àite sin fhèin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsaigh an àit anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad nan seasamh.