2 Samuel 20:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil. Faic an caibideil |
An sin chaidh a’ bhean a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile na gliocas: agus gheàrr iad ceann Shèba mhic Bhichri dheth, agus thilg iad a‑mach e a dh’ionnsaigh Ioaib: agus shèid e trompaid, agus chaidh iad air falbh on bhaile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus thill Ioab do Ierusalem a dh’ionnsaigh an rìgh.
Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.
Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againn ann am mac Iese: gach fear dod bhùthan, O Israeil; a‑nis thoir an aire air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel uile dam bùthan.
Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e.
An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bheliail, dhiubhsan a chaidh maille ri Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille rinne, cha toir sinn dhaibh a’ bheag den chreich a shaor sinn, ach a‑mhàin do gach duine a bhean agus a chlann, a‑chum gun toir iad leo iad, agus gun imich iad.