Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Lèah, Is sona mi, oir goiridh na nigheanan mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air.

Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha Isboset mac Shauil nuair a thòisich e air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìghich e dà bhliadhna: ach lean taigh Iùdah Daibhidh.

A‑nis nuair a bha cogadh eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh, rinn Abner e fhèin làidir ann an taigh Shauil.

Agus de mhic Bheniàmin, luchd-dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil.

Agus de mhic Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an taigh an athraichean.

Is leamsa Gilead; is leamsa Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn; Iùdah fear-tabhairt mo lagha.

De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;

Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:

Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.

Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad-ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear-cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.

Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph.

Agus b’i Iòrdan a’ chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, le a crìochan mun cuairt a rèir an teaghlaichean.

Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem,

Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad.

A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan