Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.

An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris.

Agus dh’imich Abner agus a dhaoine air feadh a’ chòmhnaird rè na h‑oidhche sin, agus chaidh iad thar Iòrdan, agus chaidh iad tro Bhitron uile, agus thàinig iad gu Mahanaim.

A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.

Agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gun do thuit uachdaran agus duine mòr an‑diugh ann an Israel?

A‑nis nuair a bha cogadh eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh, rinn Abner e fhèin làidir ann an taigh Shauil.

Agus de mhic Bheniàmin, luchd-dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil.

Agus de mhic Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an taigh an athraichean.

Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi-sua, agus Abinadab, agus Esbàal.

Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi-sua, agus Abinadab, agus Esbàal.

Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,

Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair-athar Shauil.

Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam.

Agus ghlaodh Daibhidh ris an t‑sluagh, agus ri Abner mac Neir, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha a’ glaodhaich ris an rìgh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan