Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.

Agus a‑nis, gun nochdadh an Tighearna coibhneas dhuibhse agus fìrinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas seo dhuibh, do bhrìgh gun do rinn sibh an nì seo.

Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim:

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.

Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus dh’innis mi dhaibh a‑thaobh làmh mo Dhè, a bha math orm, agus mar an ceudna briathran an rìgh a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan a‑chum maith.

Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet-sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad.

Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta.

Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philistich, a‑chum nach bi sibh nur tràillean aig na h‑Eabhraidhich, mar a bha iadsan nan tràillean agaibhse: bithibh matà fearail, agus cogaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan