Agus a‑nis, gun nochdadh an Tighearna coibhneas dhuibhse agus fìrinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas seo dhuibh, do bhrìgh gun do rinn sibh an nì seo.
An sin thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, mar a nochd a athair-san dhòmhsa. Agus chuir Daibhidh uaithe a sheirbhisich, a thoirt sòlais dha airson a athar. Agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh a‑steach do thìr chloinn Amoin.
An‑dè a‑mhàin thàinig thu, agus an‑diugh an toir mise ort dol air faondradh maille rinne? Oir thèid mise an taobh a tha mi gu dol: till thusa, agus thoir air an ais do bhràithrean leat; agus gun nochdadh an Tighearna dhut tròcair agus fìrinn.
A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.
Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.
Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.
Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh don fhear lem b’àill mo shlugadh suas. Selah. Cuiridh Dia a‑mach a thròcair agus a fhìrinn.
Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.
Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:
Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.
Agus thubhairt Naòmi ra dà bhan-chliamhainn, Falbhaibh, tilleadh gach aon agaibh do thaigh a màthar; gum buineadh an Tighearna gu coibhneil ribh, mar a bhuin sibhse riùsan nach maireann, agus riumsa.