Agus thàinig daoine Iùdah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh na rìgh os cionn taigh Iùdah. Agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis-ghilead a dh’adhlaic Saul.
Agus chuir rìgh Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagartan, ag ràdh, Labhraibh ri seanairean Iùdah ag ràdh, Carson a tha sibhse air dheireadh a thoirt an rìgh air ais da thaigh? (agus gun tàinig cainnt Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh da thaigh.)
Agus fhreagair fir Iùdah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an rìgh fagas an dàimh dhuinne: carson matà a tha fearg oirbhse airson an nì seo? An d’ith sinn a’ bheag on rìgh? No an tug e tìodhlac sam bith dhuinn?
A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.
Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa:
Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach.
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.
Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.
Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.
Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.