Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog iad leo Asahel, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh a athar, a bha ann am Betlehem: agus dh’imich Ioab agus a dhaoine rè na h‑oidhche, agus thàinig iad gu Hebron mu bhriseadh na fàire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:

Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu.

Ach bhuail seirbhisich Dhaibhidh de Bheniàmin, agus de dhaoine Abneir, trì cheud agus trì-fichead fear, a fhuair bàs.

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr.

Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach.

Agus thubhairt Saul ris, Cò dom mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, am Betlehemeach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan