Agus thill Ioab o dhol an dèidh Abneir: agus nuair a chruinnich e an sluagh uile an ceann a chèile, dh’ionndrainneadh de sheirbhisich Dhaibhidh naoi-fir-dheug agus Asahel.
Agus thog iad leo Asahel, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh a athar, a bha ann am Betlehem: agus dh’imich Ioab agus a dhaoine rè na h‑oidhche, agus thàinig iad gu Hebron mu bhriseadh na fàire.
A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.
Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i.