Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a dhaoine a bha maille ris thug Daibhidh suas leis, gach fear le a theaghlach; agus ghabh iad còmhnaidh ann am bailtean Hebroin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:

Agus chruinnich da ionnsaigh gach duine a bha an teanntachd, agus gach duine a bha fo fhiachan, agus gach duine a bha fo smuairean na inntinn; agus bha e na cheannard orra: agus bha maille ris mu thimcheall ceithir cheud fear.

Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan