Agus thubhairt Ioab, Mar as beò Dia, mura biodh tu air labhairt, gu deimhinn an sin anns a’ mhadainn rachadh an sluagh suas gach fear o leantainn a bhràthar.
An sin ghlaodh Abner ri Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? Nach eil fhios agad gum bi searbhas ann fa dheireadh? Cia fhad a bhios e, matà, mun abair thu ris an t‑sluagh tilleadh o leantainn am bràithrean?
Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach.
A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.