Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghlaodh Abner ri Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? Nach eil fhios agad gum bi searbhas ann fa dheireadh? Cia fhad a bhios e, matà, mun abair thu ris an t‑sluagh tilleadh o leantainn am bràithrean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

Agus thubhairt Abner ri Ioab, Eireadh na h‑òganaich a‑nis, agus dèanadh iad fearas-chuideachd nar fianais. Agus thubhairt Ioab, Eireadh iad.

Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich, agus shàth e a chlaidheamh ann an lethtaobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat-hasurim, a tha ann an Gibeon.

Agus chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile gu dol an dèidh Abneir, agus bha iad nan aon bhuidhinn, agus sheas iad air mullach cnuic.

Agus thubhairt Ioab, Mar as beò Dia, mura biodh tu air labhairt, gu deimhinn an sin anns a’ mhadainn rachadh an sluagh suas gach fear o leantainn a bhràthar.

Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid.

Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran?

A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah.

Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i.

Ach ma bhios sibh eas-umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.

Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd-creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil.

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

Cia fhad a chì mi a’ bhratach, a chluinneas mi fuaim na trompaid?

Oir is e seo là Tighearna nan sluagh, là dìoghaltais, a‑chum e fhèin a dhìoladh air a naimhdean; agus sluigidh an claidheamh, agus bidh e sàthach, agus cuirear air mhisg e lem fuil: oir tha ìobairt aig Tighearna nan sluagh anns an tìr mu thuath, làimh ri abhainn Euphràteis.

Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

Agus tuitidh an claidheamh gu trom air a bhailtean, agus caithidh e a gheugan; agus sluigidh e, airson an comhairlean.

Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan