Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh Ioab mar an ceudna agus Abisai air tòir Abneir: agus laigh a’ ghrian nuair a thàinig iad gu sliabh Amah, a tha fa chomhair Ghiah, air slighe fàsach Ghibeoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dhiùlt esan tionndadh; uime sin bhuail Abner e le eàrr na sleagh fon chòigeamh aisne, agus thàinig an t‑sleagh a‑mach air a chùlaibh; agus thuit e an sin, agus fhuair e bàs anns an àite sin fhèin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsaigh an àit anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad nan seasamh.

Agus chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile gu dol an dèidh Abneir, agus bha iad nan aon bhuidhinn, agus sheas iad air mullach cnuic.

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad: agus ghlac Daibhidh Metegamah à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan