Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Abner a‑rìs ri Asahel, Tionndaidh o mise a leantainn; carson a bhuailinn thu gu làr? Cionnas an sin a thogainn suas m’aghaidh ri Ioab, do bhràthair?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsaigh do làimhe deise no a dh’ionnsaigh do làimhe clìthe, agus glac aon de na h‑òganaich, agus gabh ad ionnsaigh armachd. Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantainn.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris-san as treasa na e fhèin.

Agus thubhairt Saul ri Michal, Carson a mheall thu mi mar seo, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor is gun deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; carson a mharbhainn thu?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan