An sin dh’amhairc Abner na dhèidh, agus thubhairt e, An tusa Asahel? Agus fhreagair esan, Is mi.
Agus chaidh Asahel air tòir Abneir; agus cha do chlaon e na shiubhal a dh’ionnsaigh na làimh deise no na làimhe clìthe, o dhol an dèidh Abneir.
Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsaigh do làimhe deise no a dh’ionnsaigh do làimhe clìthe, agus glac aon de na h‑òganaich, agus gabh ad ionnsaigh armachd. Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantainn.