Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Asahel air tòir Abneir; agus cha do chlaon e na shiubhal a dh’ionnsaigh na làimh deise no na làimhe clìthe, o dhol an dèidh Abneir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc-earba na machrach.

An sin dh’amhairc Abner na dhèidh, agus thubhairt e, An tusa Asahel? Agus fhreagair esan, Is mi.

Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsaigh do làimhe deise no a dh’ionnsaigh do làimhe clìthe, agus glac aon de na h‑òganaich, agus gabh ad ionnsaigh armachd. Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantainn.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair, Abisai, Abner, a chionn gun do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.

Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc.

A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.

Bithibh-se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan