Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc-earba na machrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Agus thuig Ioab, mac Sheruiah, gu robh cridhe an rìgh air Absalom.

Agus chaidh Asahel air tòir Abneir; agus cha do chlaon e na shiubhal a dh’ionnsaigh na làimh deise no na làimhe clìthe, o dhol an dèidh Abneir.

Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde: agus air m’àitean àrda socraichidh e mi.

Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich-ar‑fichead, Elhanan mac Dhodo, o Bhetlehem,

Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.

Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem,

Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

Eser an ciad fhear, Obadiah an dara, Eliab an treasa,

B’e an ceathramh ceannard, fa chomhair a’ cheathramh mìos, Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac na dhèidh: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde, agus gam shocrachadh air m’àitean àrda.

Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh-ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:

Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, till; bi cosmhail ri earb, a ghràidh, no ri laogh fèidh air beanntan Bheteir.

Luathaich ort, fhir mo ghràidh, agus bi cosmhail ri earban, no ri laogh fèidh air beanntan nan spìosraidh.

Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh.

Is e an Tighearna Iehòbhah mo neart, agus nì e mo chasan mar chasan èilde, agus bheir e orm coiseachd air m’ionadan àrda. Don àrd-fhear-chiùil air m’innealan teudach.

An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan