An sin dh’èirich suas agus chaidh thairis dà‑fhear-dheug ann an àireamh de Bheniàmin, a bhuineadh do Isboset mac Shauil, agus dà‑fhear-dheug de sheirbhisich Dhaibhidh.
Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich, agus shàth e a chlaidheamh ann an lethtaobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat-hasurim, a tha ann an Gibeon.
An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsaigh Iehoais mhic Iehoahais mhic Iehu, rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chèile anns an aghaidh.