Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.

Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim:

An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.

Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.

Thigibh a‑nìos am ionnsaigh-sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil.

Gibeon, agus Ramah, agus Beerot,

Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,

Mas urrainn e còmhrag riumsa, agus ma mharbhas e mi, an sin bidh sinne nar seirbhisich agaibhse; ach ma bheir mise buaidh air-san, agus gum marbh mi e, an sin bidh sibhse nur seirbhisich againne, agus nì sibh seirbhis dhuinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan