Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais?

An sin chaidh an rìgh air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iùdah uile thairis an rìgh, agus mar an ceudna leth sluagh Israeil.

Agus shaor thu mi o chòmhstri mo shluaigh; ghlèidh thu mi gu bhith ann am cheann air na cinnich: nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

Agus thàinig Daibhidh gu Bàal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal-perasim mar ainm air an àite sin.

Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo.

Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tabhaill agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh.

Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan