Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’èirich an rìgh, agus shuidh e anns a’ gheata. Agus dh’innis iad don t‑sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha an rìgh na shuidhe anns a’ gheata: agus thàinig an sluagh uile am fianais an rìgh. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh ri slighe a’ gheata; agus nuair a thigeadh neach air bith aig an robh cùis-lagha a dh’ionnsaigh an rìgh a‑chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as a bheil thu? Agus theireadh esan, O aon de threubhan Israeil tha do sheirbhiseach.

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar.

Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean.

Agus ghoid an sluagh air an là sin a‑steach don bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fo nàire, nuair a theicheas iad ann an cath.

Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin.

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh am bùthan.

Agus chaidh Ioram thairis gu Sair, agus na carbadan uile maille ris; agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a bha mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad: agus theich an sluagh dam bùthan.

Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan