Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin èirich, falbh a‑mach, agus labhair gu coibhneil rid sheirbhisich: oir bheir mise mo mhionnan air an Tighearna, mura tèid thu a‑mach, nach fan duine maille riut a‑nochd: agus bidh sin nas miosa dhut na gach olc a thàinig ort od òige gus a‑nis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dhlùth-lean a anam ri Dinah nighean Iàcoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach, agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich.

A chionn gu bheil gràdh agad dhaibhsan aig a bheil fuath dhut, agus gu bheil fuath agad dhaibhsan aig a bheil gràdh dhut: oir nochd thu an‑diugh nach eil suim agad de cheannardan, no de sheirbhisich: oir tha mi a’ tuigsinn an‑diugh, nam biodh Absalom beò, agus nam bitheamaid-ne uile marbh an‑diugh, an sin gum biodh e ceart ann ad shùilean.

Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.

Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras.

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Gidheadh, feuch, bheir mise oirre mo leantainn, agus bheir mi i don fhàsach, agus labhraidh mi rithe gu càirdeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan