Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair fir Israeil fir Iùdah, agus thubhairt iad, Tha deich earrannan againne anns an rìgh, agus tha mar an ceudna tuilleadh còir againn ann an Daibhidh na tha agaibhse: carson matà a rinn sibh tàir oirnne? Agus nach b’e ar gnothach-ne an toiseach ar rìgh a thabhairt air ais? Agus bu ghairge briathran fir Iùdah na briathran fir Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aom e cridheachan fir Iùdah uile, mar chridhe aon duine; air chor is gun do chuir iad am fios seo a dh’ionnsaigh an rìgh, Till fhèin, agus do sheirbhisich uile.

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn.

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.

O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i.

Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.

Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.

Ach ma bhios sibh a’ teumadh agus ag ithe a chèile, thugaibh aire nach claoidhear le a chèile sibh.

Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.

Na bitheamaid dèidheil air glòir dhìomhain, a’ brosnachadh a chèile, a’ gabhail farmaid ri chèile.

Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

Oir chan obraich fearg duine fìreantachd Dhè.

Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur.

Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach ri Abimelech:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan