Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig fir Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Carson a ghoid ar bràithrean, fir Iùdah, thu air falbh, agus a thug iad an rìgh agus a theaghlach, agus daoine Dhaibhidh uile maille ris, thar Iòrdan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagartan, ag ràdh, Labhraibh ri seanairean Iùdah ag ràdh, Carson a tha sibhse air dheireadh a thoirt an rìgh air ais da thaigh? (agus gun tàinig cainnt Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh da thaigh.)

Is sibhse mo bhràithrean, is sibh mo chnàmhan agus m’fheòil: carson matà a tha sibh air dheireadh a thoirt an rìgh air ais?

Agus ghoid an sluagh air an là sin a‑steach don bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fo nàire, nuair a theicheas iad ann an cath.

Agus chruinnicheadh fir Ephraim an ceann a chèile, agus chaidh iad thairis mu thuath, agus thubhairt iad ri Iephtah, Carson a chaidh thu thairis a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus nach do ghairm thu oirnne gu dol maille riut? Loisgidh sinn do thaigh ort le teine.

Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan