Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaidh an rìgh air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iùdah uile thairis an rìgh, agus mar an ceudna leth sluagh Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais?

Leig led sheirbhiseach, guidheam ort, tilleadh air ais, a‑chum gum faigh mi bàs ann am bhaile fhèin, làimh ri uaigh m’athar agus mo mhàthar: ach, feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille rim thighearna an rìgh, agus dèan ris na bhios math ann ad shùilean.

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan