Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach dh’fhalaich an rìgh a aghaidh, agus ghlaodh an rìgh le guth àrd, A mhic, Absaloim! Absaloim, a mhic, a mhic!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thuig Ioab, mac Sheruiah, gu robh cridhe an rìgh air Absalom.

Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann-ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas-ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Agus ghoid an sluagh air an là sin a‑steach don bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fo nàire, nuair a theicheas iad ann an cath.

Agus thàinig Ioab a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don taigh, agus thubhairt e, Chuir thu nàire an‑diugh air aghaidhean do sheirbhiseach uile, a shaor d’anam an‑diugh, agus anaman do mhac, agus do nighean, agus anaman do bhan, agus anaman do choileabach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan