Agus fhreagair an rìgh, Thèid Chimham thairis maille rium, agus nì mi dha na bhios math ann ad shùilean; agus ge bè a dh’iarras tusa orm, nì mi e dhut.
Leig led sheirbhiseach, guidheam ort, tilleadh air ais, a‑chum gum faigh mi bàs ann am bhaile fhèin, làimh ri uaigh m’athar agus mo mhàthar: ach, feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille rim thighearna an rìgh, agus dèan ris na bhios math ann ad shùilean.
Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.
Agus dh’imich iad, agus ghabh iad còmhnaidh ann an aitreabh Chimhaim, a tha làimh ri Betlehem, a‑chum falbh gu dol a‑steach don Eiphit, à fianais nan Caldèanach: