Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leig led sheirbhiseach, guidheam ort, tilleadh air ais, a‑chum gum faigh mi bàs ann am bhaile fhèin, làimh ri uaigh m’athar agus mo mhàthar: ach, feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille rim thighearna an rìgh, agus dèan ris na bhios math ann ad shùilean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu.

Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.

Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.

Thèid do sheirbhiseach rè ùine bhig thar Iòrdan maille ris an rìgh: agus carson a dhìoladh an rìgh sin dhòmhsa le a leithid seo de luigheachd?

Agus fhreagair an rìgh, Thèid Chimham thairis maille rium, agus nì mi dha na bhios math ann ad shùilean; agus ge bè a dh’iarras tusa orm, nì mi e dhut.

An sin chaidh an rìgh air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iùdah uile thairis an rìgh, agus mar an ceudna leth sluagh Israeil.

Ach gun do thill thu, agus gun d’ith thu aran, agus gun d’òl thu uisge anns an àite mun dubhairt e riut, Na ith aran, agus na òl uisge; cha tèid do chorp a‑steach do uaigh d’athraichean.

Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.

Agus Asariah mac Nàtain os cionn an luchd-dreuchd: agus Sabud mac Nàtain, an t‑àrd fhear-dreuchd, na charaid aig an rìgh:

Agus dh’imich iad, agus ghabh iad còmhnaidh ann an aitreabh Chimhaim, a tha làimh ri Betlehem, a‑chum falbh gu dol a‑steach don Eiphit, à fianais nan Caldèanach:

Oir tha mise a‑nis gu bhith air m’ìobradh, agus tha àm mo shiubhail am fagas.

Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh.

Air dhomh fios a bhith agam gur fagas dhomh àm cur dhìom mo phàillein seo, amhail a dh’fhoillsich ar Tighearna Iosa Crìosd dhomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan