Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban.
Agus chaidh bàt’-aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan;
An sin ghairm an rìgh air Siba, òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach nì a bhuineadh do Shaul, agus da thaigh uile, thug mi do mhac do mhaighistir.
Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.
A rèir mo ro‑dhùil, agus mo dhòchais, nach cuirear nàire orm ann an nì air bith, ach leis an uile dhànachd labhairt, mar a‑ghnàth, gum bi Crìosd a‑nis mar an ceudna air àrdachadh ann am chorp-sa, mas ann tre bheatha no tre bhàs.