Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich?
Agus bha a’ bhuaidh air an là sin air a tionndadh gu caoidh don t‑sluagh uile; oir chuala an sluagh ga ràdh air an là sin, Tha an rìgh fo thùirse airson a mhic.
A‑nis bha Barsillai na dhuine ro‑shean, ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: agus thug esan lòn don rìgh nuair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro‑mhòr e.