Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?
Agus bha aig taigh Shauil seirbhiseach dam b’ainm Siba: agus nuair a ghairm iad e a‑chum Dhaibhidh, thubhairt an rìgh ris, An tusa Siba? Agus thubhairt esan, Is e do sheirbhiseach a tha ann.
Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.
An sin ghairm an rìgh air Siba, òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach nì a bhuineadh do Shaul, agus da thaigh uile, thug mi do mhac do mhaighistir.
Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.