Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig e gu Ierusalem an coinneamh an rìgh, an sin thubhairt an rìgh ris, Carson nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Absalom ri Husai, An e seo do choibhneas rid charaid? Carson nach deachaidh tu maille rid charaid?

Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.

A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan