Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin dh’èirich Daibhidh on talamh, agus dh’ionnlaid agus dh’ung e e fhèin, agus mhùth e a aodach, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna, agus rinn e adhradh: an sin thàinig e da thaigh fhèin, agus nuair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e.

Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann-ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas-ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul.

Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

An sin thubhairt Siba ris an rìgh, A rèir gach nì a dh’àithn mo thighearna an rìgh da sheirbhiseach, mar sin nì do sheirbhiseach: a‑thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a bhòrd-san, mar aon de mhic an rìgh.

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.

Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.

Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir-fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.

Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan