Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?
Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.
Oir tachraidh air an là anns an tèid thu a‑mach, agus an gabh thu thar sruth Chidroin, gum faigh thu gu deimhinn bàs: bidh d’fhuil air do cheann fhèin.
An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh.
Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha.