Oir tha fhios aig do sheirbhiseach gun do pheacaich mi: uime sin, feuch, thàinig mi an‑diugh an ciad duine de thaigh Iòseiph uile, a dhol sìos an coinneamh mo thighearna, an rìgh.
Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad-ghin.
Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Annadsa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gun dèanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh: agus chuir e Ephraim ro Mhanaseh,
Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.
Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.
Agus nuair a chuala Israel uile gun tàinig Ierobòam a‑rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air don cho-chruinneachadh, agus rinn iad e na rìgh air Israel uile: cha do lean aon taigh Daibhidh ach treubh Iùdah a‑mhàin.
O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!