Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? Ach a‑nis, a phiuthar, bi ad thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an nì seo smuairean ort. Agus dh’fhan Tàmar gu h‑aonaranach ann an taigh a bràthar Absalom.

Agus a‑nis na gabhadh mo thighearna an rìgh an nì thuige da chridhe, a’ smaoineachadh gu bheil mic an rìgh uile marbh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh.

Agus chaidh bàt’-aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan;

Is beannaichte an duine nach cuir an Tighearna euceart as a leth, agus aig nach eil cealg na spiorad.

Na cuimhnich thusa nar n‑aghaidh ar n‑euceartan roimhe seo; gu luath gabhadh do thròcairean romhainn, oir thugadh gu ro‑ìosal sinn.

Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.

Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

Agus thubhairt Aaron ri Maois, Och! mo thighearna, guidheam ort, na cuir am peacadh as ar leth, leis an do rinn sinn gu h‑amaideach, agus leis an do pheacaich sinn.

Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.

Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.

An do thòisich mi air an là sin air Dia fhiosrachadh air a shon? Guma fada sin uam: na cuireadh an rìgh nì sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth taigh m’athar uile; oir cha robh fhios aig do sheirbhiseach air nì sam bith dheth seo uile, beag no mòr.

Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat.

An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan