Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh bàt’-aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bha mìle fear de Bheniàmin maille ris, agus Siba, òglach taigh Shuail, agus a chòig-mic-dheug, agus a fhichead seirbhiseach maille ris; agus chaidh iad thar Iòrdan ron rìgh.

Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e.

Agus thubhairt Mephiboset ris an rìgh, Is eadh, gabhadh e an t‑iomlan, o thàinig mo thighearna an rìgh a‑rìs ann an sìth da thaigh fhèin.

Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.

Agus bha aig taigh Shauil seirbhiseach dam b’ainm Siba: agus nuair a ghairm iad e a‑chum Dhaibhidh, thubhairt an rìgh ris, An tusa Siba? Agus thubhairt esan, Is e do sheirbhiseach a tha ann.

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Bheireadh luchd-fuath an Tighearna ùmhlachd dha, ach mhaireadh an aimsir-san gu bràth.

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

An do thòisich mi air an là sin air Dia fhiosrachadh air a shon? Guma fada sin uam: na cuireadh an rìgh nì sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth taigh m’athar uile; oir cha robh fhios aig do sheirbhiseach air nì sam bith dheth seo uile, beag no mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan