2 Samuel 19:17Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bha mìle fear de Bheniàmin maille ris, agus Siba, òglach taigh Shuail, agus a chòig-mic-dheug, agus a fhichead seirbhiseach maille ris; agus chaidh iad thar Iòrdan ron rìgh. Faic an caibideil |
Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.