Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghreas Simei mac Ghera, Beniàmineach, a bha o Bhahurim, air, agus thàinig e a‑nuas maille ri fir Iùdah an coinneamh rìgh Daibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich a fear maille rithe, a’ gul na dèidh gu Bahurim: an sin thubhairt Abner ris, Falbh, till. Agus thill e.

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu.

Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan-loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan-sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan