Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Làban ris, Gu cinnteach is tu mo chnàmh agus m’fheòil: agus dh’fhan e maille ris rè mìos.

Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib.

Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn-sa dhut deich seceil airgid agus crios?

An sin thubhairt an rìgh ri Amasa, Cruinnich dhòmhsa fir Iùdah an ceann trì làithean, agus seas fhèin an seo.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam-sa mar anam aoin dhiùbhsan.

An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.

Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan