Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 19:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is sibhse mo bhràithrean, is sibh mo chnàmhan agus m’fheòil: carson matà a tha sibh air dheireadh a thoirt an rìgh air ais?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil-sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.

Agus thubhairt Làban ris, Gu cinnteach is tu mo chnàmh agus m’fheòil: agus dh’fhan e maille ris rè mìos.

Agus, feuch, thàinig fir Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Carson a ghoid ar bràithrean, fir Iùdah, thu air falbh, agus a thug iad an rìgh agus a theaghlach, agus daoine Dhaibhidh uile maille ris, thar Iòrdan?

Agus fhreagair fir Iùdah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an rìgh fagas an dàimh dhuinne: carson matà a tha fearg oirbhse airson an nì seo? An d’ith sinn a’ bheag on rìgh? No an tug e tìodhlac sam bith dhuinn?

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche;

Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho-fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh.

Oir is buill sinn de a chorp, de a fheòil, agus de a chnàmhan-san.

Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan maithean Shecheim uile, Cia dhiubh as fheàrr dhuibh, trì-fichead agus deichnear fear (eadhon mic Ierubàail uile) a bhith nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhith na uachdaran oirbh? Cuimhnichibh mar an ceudna gur mise ur cnàimh agus ur feòil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan