2 Samuel 18:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe. Faic an caibideil |
Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.