Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh; agus bha an sin air an là sin àr mòr fichead mìle fear:

Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe.

Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.

Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiaclan nan aingidh.

Thoir breith orm, a Dhè, agus tagair mo chùis; o chinneach an‑iochdmhor, o fhear na ceilge agus na h‑euceirt, saor thusa mi.

Shèid thu led ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h‑uisgeachan làidir.

A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an rìgh ort: riùsan aig a bheil atharrachadh giùlain na biodh gnothach agad:

Oir gu h‑obann thig an dòrainn; agus cò dom fios an sgrios araon?

Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan-meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan