Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn.

Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar.

Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim.

Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata.

Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan