Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh ri Cusi, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearna an rìgh, agus iadsan uile a dh’èirich suas ad aghaidh a dhèanamh do chroin, mar a tha an t‑òganach sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e.

Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.

Is e seo obair m’eascairdean an làthair an Tighearna agus nan daoine a labhras olc an aghaidh m’anama.

Atharraichear a chridhe o bhith na chridhe duine, agus thugar dha cridhe ainmhidh; agus gabhadh seachd aimsirean thairis air.

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.

A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan