Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.

Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh.

Agus thubhairt an rìgh ris, Tionndaidh a lethtaobh, agus seas an seo. Agus thionndaidh e a lethtaobh, agus sheas e.

Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh.

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan