Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa.

Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin.

Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.

Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard-deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar.

Ghlacadh nan slocan anail ar cuinneinean, tì ungte an Tighearna, mun dubhairt sinn, Fo a sgàil mairidh sinn beò am measg nan cinneach.

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

Agus fhreagair na mnathan a chèile nuair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan