Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut?

Agus thubhairt an rìgh ris, Tionndaidh a lethtaobh, agus seas an seo. Agus thionndaidh e a lethtaobh, agus sheas e.

Agus thubhairt an rìgh ri Cusi, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearna an rìgh, agus iadsan uile a dh’èirich suas ad aghaidh a dhèanamh do chroin, mar a tha an t‑òganach sin.

Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha.

Ruith a‑nis, guidheam ort, na coinneamh, agus abair rithe, A bheil thu fhèin gu math? A bheil d’fhear gu math? A bheil an leanabh gu math? Agus fhreagair ise, Tha gu math.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan