Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd.
Agus chunnaic am fear-faire duine eile a’ ruith; agus ghlaodh am fear-faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith na aonar. Agus thubhairt an rìgh, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgeòil.
Agus am feadh a bha esan fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Ionatan mac Abiatair an sagart, agus thubhairt Adoniah ris, Thig a‑steach, oir is duine treun thu, agus bheir thu sgeul math leat.
Agus dh’innis am fear-faire, ag ràdh, Thàinig e eadhon dan ionnsaigh, agus chan eil e a’ teachd air ais: agus tha an siubhal cosmhail ri siubhal Iehu mhic Nimsi; oir tha e a’ siubhal gu dian.
Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!
Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!