Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic am fear-faire duine eile a’ ruith; agus ghlaodh am fear-faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith na aonar. Agus thubhairt an rìgh, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgeòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus ghlaodh am fear-faire, agus dh’innis e don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ma tha e na aonar, tha sgeul aige na bheul. Agus dh’imich e air aghaidh, agus thàinig e am fagas.

Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd.

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan